Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh tha Coinneach MacÌomhair le prògram beò à stiùidio a' Bhbc anns a' Bhruiseal. Cluinnidh sinn mu phrìomh bhaile na Beilge bho Dhòmhnall Iain MacAonghais aig a bheil eòlas mòr air an àite an dèidh dha fhèin deugachadh bhliadhnaichean a chuir seachad ann ag obair airson Scotland Europa. Tha Torcuil Crichton a' dol a mhìneachadh mar a tha cùisean a' seasamh a thaobh an Taghadh Eòrpach. Tha Daibhidh Byrne eòlach air a' Bhruiseal mar àite airson laithean saora agus molaidh esan na tha ri dhèanamh agus ri fhaicinn anns a' bhaile. Ann an dùthchanan eile air feadh an t-saoghail tha a' Bheilg ainmeil airson teòclaid agus leann. Ach tha biadhan sònraichte aca cuideachd leithid carbonade flamande à Flanders agus a' bhrioscaid couque a th'air a dèanamh ann am baile Dinant. Tha Alasdair Macleòid an seo airson an tuilleadh a mhìneachadh mu dheidhinn biadh agus deochan tradiseanta a tha a' buntainn ris an dùthaich. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Wed 16 Apr 2014 21:03