Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

09/04/2014

Tha fichead bliadhna ann bhon a thug Oasis an clàr Definitely Maybe a-mach agus mar chomharra air an sin, thèid dreach ùr dhen chlàr ath-sgaoileadh anns a Chèitein. Ach tha Liam Gallagher, a bha na bhall den chòmhlan, ag ràdh nach bu chòir dhuinn a cheannach.

Anns a' phrògram sònraichte seo, tha sinn a' coimhead air dè cho soirbheachail 's a bha Oasis anns na 90an agus mar a thàinig sgaradh dhan a' chòmhlan ri linn aimhreit eadar na bràithrean Gallagher.

Tha dithis a tha gu math dèidheil air Oasis còmhla ri Cathy fad a' phrògram - Kayleigh NicIllinnein agus Niall Iain Dòmhnallach. Innsidh iad carson a tha an còmhlan seo a' còrdadh riutha agus cluinnidh sinn cuideachd taghadh de na h-òrain a th' air a' chlàr. Cuideachd tha measgachadh de na h-òrain eile aig Oasis rin cluinntinn mar a thèid am prògram air adhart. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 9 Apr 2014 12:03