Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha na Taghaidhean Nàiseanta air tòiseachadh anns na h-Innseachan agus mairidh iad fad sia seachdainean. Thairis air na trì laithean tha romhainn cluinnidh sinn mu dhiofar earrainnean dhen dùthaich mhòr a tha seo. An-diugh sùil air taobh an ear-thuath còmhla ris an Urramach Coinneach Dòmhnallach. Am measg nan àiteachan a tha anns an sgìre seo, tha Arunachal Pradesh, Assam, Manipur, Meghalaya, Mizoram, Nagaland and Tripura agus stàit Sikkim anns na Hymalayas.

Tha tagradh ann an-dràsta airson ainm port-adhar Prestwick atharrachadh gu Port-adhar Robert Burns. Ma thachras seo, dè a bhuaidh a bhios aige air a' phort-adhar agus an sgìre mun cuairt?

Tha Calina NicDhòmhnaill a' dèanamh oidhirp mhòr airson spionnadh a thoirt air Coinneach a' chiad spaid a chuir fodha anns a' Ghàrradh air an Earrach seo. Bheir i comhairle dhuinn dè na h-obraichean chudtromach a tha rin dèanamh anns a' ghàrradh mun àm seo bhliadhna. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Tue 8 Apr 2014 21:03