Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 40: 5-6 air fonn St David agus os cionn na seinn tha an t-Urr Dòmhnall MacCoinnich le taic bho choitheanal Eaglais Ghaidhealach Dhùn Èidinn.
Salm 33: 18-20 air fonn Evan agus os cionn na seinn tha D R Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 36: 7-8 air fonn London New agus os cionn na seinn tha Ailean Guinne le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil.

Leughadh: Salm 139
Ceann teagaisg: Salm 139: 17

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 27 Jul 2014 15:00

An t-Urramach Iain MacLeòid

An t-Urramach Iain MacLeòid