Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

04/04/2014

Ann am prògram na mìos-sa, bidh Mark Wringe agus aoighean a' còmhradh mu leabhar na mìos, A New Race of Men le Michael Fry. 'S ann mu eachdraidh baile Ghlaschu aig àm na h-impireachd a tha e, agus a' toirt sùil air còmhla ri Mark bidh dithis a tha min-eòlach air a' bhaile - Alasdair MacCaluim agus Calum Ros.

Cuideachd anns a' phrògram, cluinnidh sibh mu cho-chruinneachadh ùr de dh'ainmean-àite Eilean Ratharsair a chaidh a chuir ri chèile le Rebecca NicAoidh, agus bidh Fiona NicChoinnich aig Leabhar is Craic - latha litreachais na Gàidhlig air a chur air dòigh le Còmhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu - gus barrachd fhaighinn a-mach mu sgeama litreachais ùr do luchd-ionnsaichaidh na Gàidhlig.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 6 Apr 2014 15:30