Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Ailig MacAmhlaigh (Ailig Aonghais Ailig)

Bha athair Ailig MacAmhlaigh, Ailig Aonghais Ailig am Paiblesgearraidh, air taobh an iar Uibhist a Tuath am measg an fheadhainn a bha ri strì an fhearainn às dèidh a' Chiad Chogaidh agus tha Ailig ag innse mar a thachair do dh' Uilleam Dòmhnallach 's e a' leantainn air a chuairt. Cluinnidh sinn mar a sheas iad aig Raghnall Dòmhnallach am Baile Raghnaill agus mar a fhuair deichnear aca am prìosan ri linn.

Tha Ailig cuideachd a' ruith air sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill, an te às a' sgìre a theich le a leannan leis gu robh h-athair ag iarraidh oirre fear eile a phòsadh.

Mu dheireadh tha seanchas inntinneach aig Ailig mu Chreag Hàstainn an Cnoc a Lìn air taobh an iar Uibhist a Tuath agus òran a' mòladh a' chnuic.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 6 Apr 2014 10:30