Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh tha Coinneach a' còmhradh ri Cailean Spencer mu dheidhinn aramach nan oileanach ann an Taiwan.

Tha Cailean Edwards agus Teàrlach MacIain a' toirt breith air na naidheachdan as ùr a tha a-nochdadh mun phleàna a tha air chall anns a' Chuan Innseanach.

Tha Seònaid Friseal, Niall Cambeul agus Dolina NicIllinnein ag innse mu na seann ghizmos a tha anns na dachaighean aca.

Tha pleatan gan cuir suas ann an Alba agus anns an t-Suain mar urram dhan innleadair ainmeil Tòmas Telford. Tha Murchadh Moireach a' toirt luaidh air beatha agus obair Thòmais.

Agus tha seachdad bliadhna ann bhon a thachair an Great Escape. Thug sinne sgrìob dhan tasglan, air ais chun a' bhliadhna naoi ceud deug ceithir fichead 's a trì deug, airson èisteachd ri còmhradh a bh'aig Coinneach ris an t-Ollamh Urramach Murchadh E Dòmhnallach a bha na phrìosan cogaidh aig Stalag Luft III, far an robh campa an Great Escape stèidhichte. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Tue 25 Mar 2014 21:03