Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

26/03/2014

Am measg na tha aig Cathy NicDhòmhnaill an-diugh tha Latha nam Màthraichean a tha air fàire airson an deireadh sheachdain 's a tighinn. Tha triùir gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn an àite a th'aig màthair ann an teaghlach agus an càirdeas a tha eadarra i fhèin agus a cuid chloinne.

Cuideachd, tha Gillebrìde MacIlleMhaoil ag innse mu Forcan Beaga, dealbh-chluich anns a bheil e fhèin an sàs an-dràsta. 'S e sgeulachd bàrdail a tha seo mu dheidhinn piuthar agus bràthair a tha a' tilleadh air ais gu Tighnabruaich ann an Alba far am b'àbhaist dhaibh a bhith a' dol air làithean saora còmhla ri am pàrantan.

Tha Pàdraig MacAoidh a' toirt aithris air an dealbh-chluich Union a tha ri fhaicinn ann an Dùn Èideann an-dràsta.

Am measg a' chiùil tha Aloe Blacc, Needtobreathe agus gu leòr eile. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 26 Mar 2014 12:03