Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Dotair a' Chamara - An Dotair Coinneach Robasdan

Rugadh an Dotair Robasdan ann an Dùn Èideann ann an 1921 agus chaidh a thogail anns a' bhaile sin gus an do cheumnaich e na dhotair ann an 1946. 'S e einnseanair a bha na athair agus neach-ciùil a bha na mhàthair, a' toirt togail dha ann an dà shaoghal gu math fada bho chèile - chan eil fhios an e sin a thug air fhèin a bhith cho sgileil leis an sgithinn ann an aon làimh agus saoghal nan ealain anns an làimh eile? Às dèidh ceumnachadh bha obair aige an toiseach ann an ospadal ann an Cille Mhearnaig, an uairsin ann an Inbhir Pheofharain gus an d' fhuair e an obair ann an Ospadal Dhalabroig far an robh e mar phàirt de sgioba còmhla ris an Dotair Alasdair MacIlleathain airson iomadh bliadhna.

Bha an Dotair air a dhòigh buileach glan ann an Uibhist oir bha obair ann an coimhearsnachd iomallach agus bha sin a' toirt cothrom dha a bhith dlùth do dhaoine agus don àrainneachd, dà rud a bha làidir na chridhe fhèin agus cuideachd a bha na bhuannachd do chur-seachad eile a bh' aige fad a bheatha - se sin an camara. Bha athair roimhe cuideachd dèidheil air a bhith ag obair le camara agus lean sin ris an Dotair Robasdan. An toiseach, 's ann a' faighinn iasad de chamara athair a bhiodh e gus na cheannaich e fhèin fear neo dhà.

Thàinig na sgilean aig an Dotair Robasdan mar dhotair, neach-camara agus fear aig an robh ùidh ann agus a' toirt cùram do mhuinntir na coimhearsnachd, am follais aig ìre gu math tràth na bheatha ann an Uibhist. Ged a bha e fhèin agus an Dotair Alasdair MacIlleathain stèidhichte aig Ospadal Dhalabroig, bha an obair aca cuideachd gan toirt a-mach dhan choimhearsnachd. B' ann an Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeigh a bu mhotha a bhiodh iad, agus tha sin gu math follaiseach anns a' chruinneachadh dheilbh aig an Dotair Robasdan.

Bha muinntir Uibhist a Deas agus Èirisgeigh cleachdte gu leòr a bhith ga fhaicinn a' nochdadh le baga agus le camara air a ghualain! Ach 's iongantach gun thuig iad cho cudromach agus cho prìseil sa bha na deilbh sin gu bhith anns na bliadhnaichean air thoiseach, deilbh a ghlac sealladh air dòigh beatha nan daoine agus an àite agus a tha an-diugh nan eachdraidh phrìseil dhan ath ghinealach.

Release date:

30 minutes

Last on

Christmas Day 2014 18:00

An Dotair Robasdan

An Dotair Robasdan

An Dotair Robasdan

An Dotair Robasdan