Sorry, this episode is not currently available

Episode 15

Eòrpa, Series 21 Episode 15 of 16

A-nochd bi Eòrpa ag aithris air ciamar a tha an Fionnlainn a' dèiligeadh ri trioblaidean le deoch-làidir, agus cuideachd an Òlaind far a bheilear a' togail sgeamaichean-thaighean dha nàbaidhean buaireanta.

Eòrpa reports on how Finland is tackling alcohol abuse, and also visits the Netherlands where housing schemes are being built specifically for problematic neighbours.

30 minutes

Last on

Mon 24 Mar 2014 10:00

Dòigh ùr son dèiligeadh le daoine buaireanta

Tha na h-ùghdarrasan ann am baile ann an ceann a deas na h-Òlaind a’ cleachdadh dòigh shònraichte son dèiligeadh ri daoine fìor bhuaireanta, far a bheil iad dhan cuir a dh’fhuireach ann an coimhearsnachdan fa leth ann an taighean a tha dhan dèanamh a dh’aon ghnothaich. Tha Anne Lundon ann an Tillburg, uair a thìde gu leth à Amsterdam, son faighinn a-mach dè cho soirbheachail ‘s a tha an sgeama.

A new way to deal with disruptive behaviour

The authorities in a town in the south of Holland have a unique way of dealing with people who are very disruptive. They send them to live in individual communities in purpose-built houses. Anne Lundon is in Tillburg, an hour and a half an hour from Amsterdam, to find out how successful the scheme has been.

Barrachd smachd a chur air reic na dibhe san Fhionlainn

Tha deasbad a’ dol anns an Fhionnlainn mu am bu chòir barrachd smachd a chur air reic na dibhe. Tha feadhainn anns an riaghaltas ag ràdh gu feum iad sin a dhèanamh agus trioblaidean mòra san dùthaich ri linn mì-chleachdadh deoch làidir. Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad fhathast gun smachd fhaighinn air duilgheadasan a chaidh adhbharachadh le mearachdan ann am poileasaidh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Tha feadhainn air taobh eile na ceist ag ràdh, ged-thà, gur e mearachd eile a bhiodh ann cìsean a chur suas tuilleadh sa chòrr, no reic na dibhe a chuingealachadh barrachd. 

Tighter controls of alcohol sales

There is an on-going debate in Finland over whether the sale of alcohol needs tighter controls. Some in the government believe they must act because the country has serious problems with alcohol abuse. They also believe that they are still to fully overcome problems caused by policy errors in previous years. Others say that it would also be an error to raise taxes or further restrict the sale of alcohol.

BBC Naidheachdan

BBC Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon BhBC