Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Ena NicDhòmhnaill 2

Tha tuilleadh aig Uilleam agus Ena dhuinn sa cheathramh prògram san t-sreath, agus i ag innse mun ùine a thug i na comhairliche agus an obair a rinn i an luib Aonadh nan Croitearan. Tha an tuilleadh aic mun chrodh Gaidhealach agus mar a thug i stoc à Canaigh agus mar a tha nise an crodh aig Ena air feadh na Roinn Eòrpa.

Tha càil airson obair croitearachd air leantainn ri a mac, Aonghas cuideachd agus esan air cuir ris a stoc agus air leudachadh gu bhith a' togail thaighean. Tha e fhèin agus Uilleam a' toirt greiseag a' bruidhinn air Eilean Bhàlaigh agus e ag innse mar is ann aig an tìde mhara a tha làmh an uachdair fhathast a dh'aindeoin teicneòlas. Chan fhuirich muir ri uallach!

Mu dheireadh sa phrògram, tha Uilleam a' tachairt ri Ceitidh NicUilleim agus i a' seanchas mun obair saorsainneachd ris a robh a h-athair agus i 'g innse nach robh mòran nach dèanadh e le fiodh, eadar cairt agus ciste-laighe. Tha i cuideachd ag innse mar a bha i fhèin ag obair mar bhanaltram-sgìre.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 16 Mar 2014 10:30