Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

1/2 An t- Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair, Eaglais na h-Alba 1988

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:

Salm 03: 6-7 air fonn Evan agus os cionn na seinn tha Murchadh MacLeòid agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 46: 1-2 air fonn Moravia agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh

Leughadh: Leabhar Esteir 4: 1-17
Ceann-teagaisg: Leabhar Esteir 4: 17

Rugadh Gilleasbuig Mac a' Phiocair anns a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath anns a' Ghearran, 1920. 'S e an dàrna duine a b' òige de theaghlach de shianar aig Gilleasbuig agus Mairead Nic a' Phiocair. Gu mì-fhortanach bhàsaich athar 's gun Gilleasbuig ach mu sheachd bliadhna a dh'aois agus le sin chaidh e fhèin agus a phiuthar a dh'fhuireach còmhla ri càirdean ann a Hòmhstadh. Chaidh e a Bhun-sgoil Thaigh a Ghearraidh agus an uairsin gu Sgoil Cheann a' Bhàigh agus às dèidh sin gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil thill e air ais dhan Bhaile Shear a dh'obair air a' chroit agus a bhràithrean bu shine air an gairm dhan chogadh. Nuair a ràinig a bhràthair a b' òige ochd deug chaidh Gilleasbuig e fhèin dhan chogadh gu Feachd an Adhair agus bha e stèidhichte thall san Ear Chèin. Thill e air ais bhon chogadh ann an 1946 agus chuir e roimhe fhèin a dhol air ais gu foghlam far an do rinn e cùrsa MA aig Oilthigh Ghlaschu. B' e teagasg a bha e an dùil a dhèanamh nuair a bha e deiseil ach dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd agus chaidh e an uairsin gu Colaiste na Trianaid far an do rinn e cùrsa na diadhaireachd.
Ann an 1952 phòs e a bhean Iseabail Budge, a bhuineadh do Chaol Loch Aillse, agus bha ceathrar chloinne aca. Chaidh Mgr Mac a' Phiocair a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann am Bun Easain ann am Muile. Greis às dèidh sin ann an 1956 ghabh e ri gairm o choitheanal an t-Srath anns an Eilean Sgitheanach far an fo shaothraich e gu dìcheallach a' frithealadh seachd eaglaisean air feadh na sgìre. Ann an 1973 ghluais e gu Eaglais Sràid a' Chaisteil ann an Inbhir Pheofharain far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1989. Ghluais e an uairsin a dh'Inbhir Nis far an do chur e seachad còig bliadhna mar mhinistear aig Taigh-eiridinn Chreag an Dùnain, agus bhiodh e a' cuideachadh ann an sgìrean a bha bàn anns na h-eileanan. Bha bròn air feadh na Gàidhealtachd nuair a thàinig naidheachd a bhàis air an latha mu dheireadh den Lùnastal ann an 1996.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 17 Apr 2016 21:00

An t- Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

An t- Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair