Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-Urr. Iain MacAsgail, Eaglais Shaor Ros Cuithne

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Coleshill, os cionn na seinn tha Iain Dòmhnallach agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Salm 139: 1-3 air fonn Walsall, os cionn na seinn tha Iain Moireach agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 103: 3-4 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha Tòmas Moireasdan agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh

Leughadh: Soisgeul Lùcais 5: 1-11 & 27-32

Rugadh Mgr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port Adhair Bheinn na Faoghla, far an robh e ag obair aig BA son trì bliadhna deug.
B' ann ann an 1997 a thòisich Mgr MacAsgaill a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdal. Bha an coitheanail aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin cuideachd steidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras' ged a tha e an diugh stèidhichte ann an Ros Cuithne.
Tha còrr air tri bliadhna bhon a ghluais Mgr MacAsgaill à Uibhist gu Eaglais Shaor Ros Cuithne. Tha an Eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus tha mu 250 anns a' choitheanal aige. A bharrachd air obair na paraiste tha obair chudromach eile aige Mgr MacAsgaill agus e os cionn cùram spioradail sgioba ball-coise Ross County. Tha Iain cuideachd na iar-chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire airson obair eadar-nàiseanta agus cuideachd na bhall de dh'Ùghdarras Ministearan Moldova.
Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 9 Mar 2014 15:00

An t-Urr. Iain MacAsgail