Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An Dà Bhùth

Eadar Dà Shaoghal Episode 4 of 8

"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circebost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.

San sgeulachd seo tha Dòmhnall a' dèanamh dealbh air an dà bhùth a bh' anns a' bhaile, air an fheadhainn leis an robh iad, 's air an fheadhainn a bha dol unnt'. 'S e àitichean coinneachaidh a bh' unnt far an cluinneadh tu na bha dol agus far am faodadh balach beag e fhèin fhaighinn ann an trioblaid gun fhiost dha.

Release date:

30 minutes

Last on

Mon 29 Dec 2014 17:10

Dòmhnall MacLeòid

Dòmhnall MacLeòid
Dòmhnall MacLeòid na bhalach

Geòla Nèill Alastair

Geòla Nèill Alastair

Geòla Nèill Alastair aig Cidhe Nèill Alastair agus Dòmhnall Calum na chois.