Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

14/03/2014

An-diugh tha Agnes Rennie còmhla ri Cathy fad a' phrògram airson sùil a thoirt air naidheachdan na maidne.

Cuideachd cluinnidh sinn mar a chaidh dha Iain MacLeòid agus e air a bhith a' siubhal air tramaichean Dhùn Èidinn mar phàirt de dheuchainnean a tha iad a' dèanamh air an loidhne mus fosgail e anns na mìosan a tha romhainn.

'S ann aig Ali MacIllFhinnein a tha an cothrom a mhac-mheanmna a chleachdadh airson dìnnear sònraichte a chuir air dòigh agus e a' taghadh cò bhios ann, dè bhios air a' chlàr-bìdh agus càite am bi iad ag ithe!

Agus tha Aonghas Dòmhnallach air ais le thionndadh fhèin air naidheachdan annasach na seachdainn. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 14 Mar 2014 12:03