Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Rev Duncan MacKinnon, Church of Scotland 1987 - 3/3

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 31: 19-20 air fonn St David le Iain MacFhionghain os cionn na seinn agus Salm 91: 2-3 air fonn Steòrnabhagh le Ailean Guinne os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Leughadh: Lucas 13: 20-35
Ceann-teagaisg: Leabhar Deuteronomi 32: 11-12

Rugadh Donnchadh air an Tairbeart sna Hearadh ann an 1924. Bha e san nèibhidh ri àm a' chogaidh eadar 1942 agus 1947. 'S e coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach a' chiad coitheanal a bh' aige agus bha e an sin bho 1956 gu 1965. Ghluais e às an sin gu Eaglais na h-Alba ann an Cros, Nis an Leòdhas far a robh e bho 1965 gu 1973. Ann an 1973 ghluais e gu coitheanal a' Phluic ann an Loch Aillse. Leig e dheth uallach coitheanail ann an 1989.

30 minutes

Last on

Sun 23 Feb 2014 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss