Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

13/02/2014

Tha gnothaichean a' teasachadh aig na Geamaichean Oilimpigeach ann an Sochi, bidh Ailean MacLeòid ag innse dhuinn cuin agus dè as fhiach a bhith a' coimhead anns na lathaichean a tha romhainn.

Tha Seirbheis Slàinte Nàiseanta Shasainn air moladh gum bu chòir barrachd a bhith a' faighinn drugaichean Statins airson grèim cridhe agus stròcan a sheachnadh - beachd an Dotair Ruairidh Caimbeul air an seo.

Tha dà dhealbh chluich as an aon oidhche gu bhith air a' shealltainn ann an iomadh àite air Ghaidhealtachd agus anns na h-eileanan a dh'aithghearr, tha Catriona Lexy Chaimbeul an seo son innse dhuinn mu dheidhinn An doras Dùinte a' sgrìobh i fhèin agus mu Rough Island.

Tha Daibhidh Byrne air tilleadh à turas a Chanada agus tha e gu bhith ag innse dhuinn mu bhaile Whistler, baile a tha ainmeil airson spòrsan sneachd. Cluinnidh sinn mu na tha ri dhèanamh anns a' bhaile nuair nach eil sinn air na raointean-sgìtheadh!

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 13 Feb 2014 12:03