This programme will be available shortly after broadcast

Episode 3

Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn mu na cur-seachadan a bh' aig Eilidh nuair a bha i ri obair a' chogaidh - cuid dhiubh nach biodh air còrdadh idir, idir ri màthair nam biodh fios aice!! Às dèidh a' chogaidh fhuair Eilidh obair aig BT ann an ionad am fon ann am Beinn a' Bhaoghla far an do chuir i seachad tòrr ùine còmhla ri Rex MacDaid! Agus anns a' Ghearran 1949 phòs i fhèin agus Aonghas Iain agus, mar a thuirt i fhèin, "fhuair mi reprieve airson faisg air deich mìosan" - rugadh a' chiad leanabh aca aig deireadh an t-Samhain. Bha dithis nighean, Ina agus Joan, ac' an toiseach agus an ceann ùine bha balach aca, Iain.

Release date:

30 minutes

On radio