Sorry, this episode is not currently available

Episode 10

Eòrpa, Series 21 Episode 10 of 16

A-nochd bi Eòrpa ann an Albàinia far a bheil an riaghaltas a' cuir bacadh air togalaichean mi-laghail, agus cuideachd bitheas a' faighneachd carson a tha biadh luath a' gabhail seachad air biadh traidiseanta san Fhraing.

In this programme, Eorpa visits Albania, where the government is clamping down on illegal construction, and also looks at why fast food is overtaking traditional cuisine in France.

Release date:

30 minutes

Last on

Mon 17 Feb 2014 23:20
BBC Two Scotland

Coirbteachd ann an Albàinia

Nuair a chaidh Prìomhaire ùr Albàinia a thaghadh an-uiridh gheall e, am measg eile, gun dèiligidh ri coirbteachd san dùthaich.  Agus ‘s ann roimhe a tha an dùbhlan.  Tha Albàinia air a’ mheas mar an dùthaich as coirbte ann an sgìre nam Bàlcanach agus tè dhan fheadhainn is coirbte san Roinn Eòrpa.  Mar phàirt dhan iomairt airson dèiligeadh ris a seo, thòisich an riaghaltas a’ leagail mòran thogalaichean a tha iad ag ràdh a bha mì-laghail ann am baile Vlora.  Ged a chuir feadhainn fàilte air oidhirp an t-àite a sgeadachadh, tha cuid eile gu math mì-thoilichte mun dòigh a tha an riaghaltas a’ làimhseachadh na cùis.

Corruption in Albania

When Albania’s new Prime Minister was elected he pledged to deal with corruption in the country.  He has a challenge ahead of him.  Albania is ranked as the most corrupt country in the Balkans and one of the most corrupt in Europe.  As part of the campaign to deal with this, the government has begun knocking down many buildings in the city of Vlora.   Although some have welcomed attempts to clean up the area, others are very unhappy with the government’s approach in dealing with the issue.

Biadh sa Fhraing

Le ealan, cultar, togalaichean ainmeil agus biadh traidiseanta, tha an Fhraing a-riamh air a bhith a’ tàladh luchd-turais. Ach tha an Fhraing gu sònraichte aithnichte air feadh an t-saoghail airson biadh traidiseanta agus àiteachan bidhe spaideil a th’ air rionnagan Michelin a chosnadh. An-uiridh, chaidh còrr is leth-cheud às a’ cheud dha teachd-a-steach àiteachan bidhe gu àiteachan far am faighear biadh sa bhad no fast-food. A’ chiad turas a-riamh a rinn iad a chùis air àiteachan a bhitheas a’ tabhainn biadh traidiseanta na Frainge.

Tha Burger King air bùithtean ùr fhosgladh san Fhraing bho chionn ghoirid às dèidh dhaibh naoi bùithtean deug à fichead a dhùnadh còrr is còig bliadhna deug air ais, ri linn briseadh dùil le àireamhan luchd-cleachdaidh. Tha fios gu bheil àiteachan-bidhe dhan t-seòrsa seo a’ tàladh dhaoine airson diofar adhbharan. Ach tha na h-àireamhan a thaobh teachd-a-steach son àiteachan fast-food air iongnadh a chur air mòran. Tha Anne Lundon ag aithris mun chùis ann am Paris.

French food

With art, culture, famous buildings and traditional food, France has always attracted tourists. But France is especially renowned all over the world for its traditional food and fancy restaurants which have earned Michelin stars. Last year more than 50% of income from restaurants is from fast food outlets. The first time they have ever exceeded traditional food.

Burger King have opened new outlets in France recently  after they closing nineteen out of twenty shops over fifteen years ago due to the low numbers of customers. People are attracted to these types of restaurants for many different reasons. But the numbers of income for fast-food outlets are worrying for many. Anne Lundon reports from Paris

BBC Naidheachdan

BBC Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon BhBC