Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

05/02/2014

Tha dùil leasachadh a dhèanamh air Drochaid Rèile Fhoirthe agus iad ag amas air daoine a tharraing chun na drochaid. An lùib na tha fa-near dhaibh tha cothrom do dhaoine coiseachd no lioft fhaighinn chun a' mhullaich. Gheibh sinn beachd thriùr air na planaichean - an innleadair Ruairidh MacLeòid, Iain Eaàrdsidh Mac a' Mhaoilein a tha a' fuireach san sgìre agus Iagan MacNèil a fhuair an cothrom o chionn ghoirid, ri linn obair, a dhol suas a mhullach na drochaid.

Tha an carthannas, Luchd Cùram na h-Albainn, air gearain gu bheil gearraidhean stàit air buaidh a thoirt air daoine a tha a' coimhead às dèidh càirdean is caraidean. Cluinnidh sinne bho thriùir mu na duilgheadasan a tha an cois uallach dhaoin' eile a ghabhail.

Agus tha Dòmhnall MacSuain air ais leis an t-sreath - Na còig rudan air nach robh fhiosam mun àm seo an t-seachdain a chaidh!

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 5 Feb 2014 12:03