Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

04/02/2014

Là eadar-nàiseanta Aillse a th' ann an-diugh airson aire dhaoine a tharraing chun an tinneas. Tha Cathy a' còmhradh ri triùir a tha a'tighinn thuige bho diofar sheallaidhean - An Dotair Sarah Marr bhon taobh mheidigeach, Agnes NicChoinnich a tha i fhèin air fulang leis agus Alasdair MacNeacail a tha trang a' cruinneachadh airgead airson aillse a' rannsachadh.

Tha Dabhaidh Byrne air tilleadh à Vancouver ann an Canada far an do thadhal e air cuirmean co-cheangailte ri biadh, tha am baile sin a' feuchainn ri daoine a tharraing thuice le bhith cuir air doigh fèisean mu bhiadh an àite.

Cluinnidh sinn bho Iain Mac a'Ghobhainn a bha air an geàrr-liosta airson neach ciùil traidiseanta òg na bliadhna aig Rèidio Alba, chaidh an cuirm a chumail ann an Glaschu oidhche na Sàbaid, agus bha e ri fhaicinn air BBC Alba a-raoir - cluinnidh sinn cò ris a bha e coltach a bhith mar phàirt dhan fharpais chliùiteach seo.

bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 4 Feb 2014 12:03