Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

San dàrna prògram sa chòmhradh aca, tha Iain MacÌomhair agus Maureen NicLeòid a' leantainn orra len còmhradh mu Zambia. Chaidh Iain a dh'obair ann aig deireadh na 60an agus cha robh an dùthaich an uair sin fada air a bhith neo-eiseamalach. Bhiodh iad a' comharrachadh seo le cuirmean a h-uile bliadhna agus bhiodh Iain agus a cho-obraichean a' faighinn cuireadh thuca. Cò a bh'aig aon chuirm aig a robh Iain ach an Ceann-suidhe Kenneth Kaunda, agus fhuair Iain a-mach gu robh an saoghal tòrr na bu lugha na bha dùil aige!

Cluinnidh sinn tuilleadh bhuaithe mu bhailtean Lusaka agus Kitwe, agus cuideachd mu Rhodesia, mar a bh' air an uair sin, Zimbabwe a' là 'n-diugh, agus e a' faighinn cothrom a dhol a sin bho àm gu àm aig deireadh na seachdain. Ach bha obair eile na tharraing dha agus cha b'ann a Zambia a gheibheadh e air a cholionadh. Gheibh sinn a-mach mar a chuir e cùl ri Afraga agus mar a chuir e aghaidh ri obair an lagh an Alba.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 19 Jan 2014 10:00