iPlayer Radio What's New?
Image for Fr Donald MacLeod - White Fathers

Listen now 30 mins

Listen in pop-out player

Fr Donald MacLeod - White Fathers

Availability:
20 days left to listen
Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 12 January 2014

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sinn na laoidhean is leughaidhean a leanas:

Laoidh an Iasgair air a sheinn le Kathleen NicAonghais; Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh a' seinn na laoidhean, Mise Dia nan Muir 's nan Speur, agus, Thighearna, Thàinig Thu Chun na Linne ; a' seinn an laoidh, Mìorbhail Gràis, tha Mairi NicAonghais.

Leughaidhean:
Eoin 21: 1-14 agus Mata 14: 22-33 agus a' leughadh tha Anna Nic na Ceardaich. Lucas 5: 1-11 agus Lucas 8: 22-25 agus a' leughadh tha Angela NicFhionghuin

Seo a' chiad turas a tha Mgr Domhnall MacLeòid bho òrdan na White Fathers aig an Eaglais Chaitligeach air seirbheis Ghàidhlig a chlàradh airson radio. Rugadh Mgr Dòmhnall ann an Glaschu ann an 1946 do dh' Annag agus Ruairidh MacLeòid. 'S ann à Barraigh a bha a mhàthair, Annag Bheag Nèill Eubail à Bogach, agus 's ann à Eirisgeidh a bha athair, Ruairidh Beag Aonghais Iain Aonghais às a' Choilleag. Bha sianar anns an teaghlach - dithis nighean agus ceathrar bhalach. Bha an teaghlach a' frithealadh Paraiste Eaglais Moire agus Naomh Mairead ann a sgìre Kinning Park ann an Glaschu. Chaidh Mgr Dòmhnall gu Àrd-sgoil Naomh Gerard ann am Baile Ghobhainn. Na òige dh'ionnsaich e pìobaireachd agus bha e a' faighinn teagasg bho Jimmy Reid, bràthair Maidsear na Pìoba Raibeart Reid, agus bha e cuideachd na bhall de Chòmhlan Pìoba Naomh Prainnseas ann an sgìre na Gorbals.

Ann an 1963 chur e iarratas gu Sgìr-Easbaig Earra Ghàidheil 's nan Eilean agus gu Àrd Sgìr-Easbaig Ghlaschu airson ionnsachadh a bhith na shagart ach cha deach cùisean leis. An ath bhliadhna chuir e iarratas gu òrdan na White Fathers ann an Southampton agus bha e soirbheachail dhan turas sin. Thairis air an ath dheich bliadhna bha e a' frithealadh cholaistean eadar Èirinn agus an Fhraing ag ionnsachadh na sagartachd. Gu mi-fhortanach bhàsaich a mhàthair aithghearr ann an 1973, trì bliadhna mus tàinig e a-mach na shagart san Iuchar 1976.
Thairis air bliadhnaichean a shagartachd tha e air a bhith ùine ghoirid a' frithealadh pharaistean ann an Sgìr-Easbaig Earra Ghaidheil 's nan Eilean, ach tha e air a' chuid as motha dha ùine a chuir seachad ann an àiteachan leithid Tanzania, Nairobi agus anns an Ròimh. Tha e a-nise stèidhichte aig na White Fathers ann an Glaschu far a bheil e os cionn na coimhearsnachd a sin agus cuideachd na fhear-deasachaidh air an iris aca, Missionaries for Africa.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss