Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Kings Chapel, Aberdeen University 1963

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm a leanas:
Salm 36: 5-7 air fonn Bedford, Salm 78:5-7 air fonn St David, Psalm 36:7-9 air fonn Bangor agus rainn às an dàrna laoidh 3-5 air fonn Stornoway.
Leughaidhean: Salm 68: 1-20 agus Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ephesianach 4: 1-16

Chaidh an t-seirbheis seo a chraoladh an toiseach anns a' Mhàirt 1963 nuair a bhathas a' comharrachadh dà fhichead bliadhna bhon a thòisich craobh-sgaoileadh ann an Alba, agus b' ann aig deireadh na bliadhna sin a thòisich craoladh anns a' Ghàidhlig.

Chaidh an t-seirbheis a chumail ann an Caibeal an Rìgh aig Oilthigh Obar Dheathain. Os cionn na seirbheis bha an t-Urr Lachlann MacLeòid agus a' cur a-mach na loidhne bha Ruairidh Mac a' Ghobhainn. A' leughadh bha Alasdair Moireasdan agus Calum MacLeòid.

Rugadh Lachlann MacLeòid ann am Beànaraigh na Hearadh agus chaochail e an Inbhir Nis ann an 1966. Bha e na mhinistear ann an Diùranais san Eilean Sgitheanach, ann an Garabost , Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh agus ann an Urchardan, faisg air Inbhir Nis. An dèidh a bhith ann an Urchardan bha e na shoisgeulaiche Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba.

A-rèir an Urr Ruairidh MacLeòid, bha e aon turas a' searmonachadh beò air radio agus feumaidh gun deach fios a chuir thuige gu robh an ùine a' ruith. Thubhairt e san t-searmon, "Chan eil fios agamsa de a' Ghàidhlig a tha air BBC mur e 'A Bhròinein, Bi Cabhagach."

Bha a mhac, Iain, na mhaighistir-sgoile agus na Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim agus bhiodh esan tric a' searmonachadh. Nuair a bhiodh e a' dèanamh na smuaintean aig deireadh na h-oidhche air Telebhisean Ghrampian bho chionn fhada, bhiodh Gàidhlig aige aon oidhche san t-seachdain. Bha mac eile aig Lachlann air an robh Calum, a bha na fhear-lagha ainmeil an Obar Dheathain agus air bòrd-stiùiridh iomadach buidheann. Chaochail Calum na bu tràithe air a' bhliadhna.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 29 Dec 2013 21:00