Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Rev Ian Thomson - East Kilbride Free Church

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 96: 8-9 air fonn Evan, os cionn na seinn tha Iain MacRath le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch.
Salm 100:102 air fonn Coleshill, os cionn na seinn Dòmhnall Iain MacSuain le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Salm 100: 4-5 air fonn St David, os cionn na seinn Aonghas MacIlleathain le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhais

Leughaidhean: Salm 100

Tha Iain MacThòmais na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear. Rugadh 's thogadh Mgr MacThòmais ann an Garabost san Rubha ann an Leòdhas. Chaidh e dhan sgoil ann an Paibil 's an uairsin gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Cha robh mòran ùidh aige ann an obair sgoile 's leis a sin cha do shuidh e deuchainnean sam bith. Dh'fhàg e an sgoil 's chuir e seachad ochd bliadhna deug na bhreabadair. Anns an ùine sin, thàinig atharrachadh na bheatha. Nuair a dh'fhairich e gu robh Dia ga ghairm gu bhith na mhinistear bha aige ri dhol air ais dhan sgoil (Sgoil Mhicneacail) a shuidhe deuchainean àrd-ìre. Chaidh e air adhart às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann far an tug e mach dreuchd na ministrealachd.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 29 Dec 2013 15:00