This programme is not currently available on BBC iPlayer

Gaisgich na Camanachd/Shinty Heroes

Gaisgich na Camanachd. Documentary a tha a'toirt sùil air a bhuaidh mhairainneach a bh'aig a' Chogaidh Mhòir air iomain. Bha buaidh mhòr aig Blàr Festubert air Reiseamaid nan Camshronach tron Chiad Chogaidh, 's dh'fhuiling muinntir Alba sgrios 's call uabhasach ri linn. Ged a tha achaidhean brùideil Festubert astar mòr bho phàircean camanachd na Gàidhealtachd, bha sgrios a' Chiad Chogaidh follaiseach san dà àite. Do choimhearsnachdan camanachd an leithid Port Rìgh, Ceann a' Ghiùthsaich 's a' Mhanachainn, shàraich blàr Festubert an cuid eachdraidh agus sgriosadh an cuid sgiobaidhean-iomain ri linn 's na chailleadh sa bhlàr seo. Tro bhliadhnachan nan cogadh, chaidh stad a chuir air farpaisean iomain air sgàth 's gun deach an uimhir a chluicheadairean a ghairm dhan chogadh. Tha Gaisgich na Camanachd a' soilleireachadh a bhuaidh a bh' aig a' chogadh air an spòrs Ghàidhealach seo.

A look at the lasting effects of the Great War on shinty. The Battle of Festubert was a pivotal
moment for the Cameron Highlanders during WW1 and the devastating effects were keenly felt in Scotland. The killing fields of Festubert are a long way from the shinty fields of the Highlands, but the First World War brought both places tragically closer. For shinty-playing communities like Portree, Kingussie and Beauly, Festubert is the darkest part of their history, the battle having cost them dearly in lives. During the war years competitive shinty ceased because so many players answered the call to arms. Gaisgich na Camanachdon looks at the calamitous loss of potential to communities and towns and reveals how the Great War almost killed shinty off.

Release date:

30 minutes

Last on

Fri 24 Jun 2016 21:00