Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Nuair a thig saorsa

Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa chaidh a' leantainn a' cho-fhreagairt air post-dealain eadar Ben, a tha deich bliadhna a dh'aois, agus Antaidh Mhòr, no Ceit, a thàinig tron Dara Cogadh. Tha fiosrachadh anns an dà phrògram a tha a' toirt blas air dòigh-beatha an ama, leithid òraid Chamberlain, comhairle bho Mhinistreachd na Slàinte agus òrain agus ceòl.

An dèidh gach earrann den phrògraim, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chloinn a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan-obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 22 Dec 2013 14:30
Added. Check out your playlist Dismiss