Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh tha sinn a' foigheachd an dèan am Prìomhaire Obama an gnothach air prìosan Guantanamo Bay a dhùnadh? Tha Anna K Nicleòid agus Mìcheil MacAoidh a' toirt am beachdan.

Am measg an iomadh naidheachd agus beachd a tha air nochdadh an t-seachdain seo mu dheidhinn spreadhadh Locarbaidh, tha athaisg dhìomhair dhan ainm Operation Bird, a' cuir a' choire air fear eile, Mohammed Abu Talb a bhuineas don Èipheit, airson a' chùis uabhais anns an deachaidh dà cheud agus seachdad neach a mharbhadh anns an Dùbhlachd 1988. An-diugh tha sinn a' dol air ais chun an àm a chaidh a' choire a chuir air Abdelbaset al-Megrahi aig campa Zeist. Bha am poileasman Alick K Dòmhnallach am measg mìle poileis eile à Alba a chaidh a chuir a-null dhan Òlaind airson Campa Zeist a dhìon. Cuimhneachaidh e dhuinn mar a chaidh cùisean aig an àm.

Gheibh sinn comhairle bhon mheacanaig Cailean MacIlleathain air mar bu chòir coimhead as dèidh taidhirean chàraichean thairis mìosan a' Gheamhraidh.

Agus tha Cathy Fhriseal dìreach air tilleadh far laithean saora ann an Cambodia agus cluinnidh sinn mar a chaidh an turas aice. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Wed 18 Dec 2013 21:03