Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

11/12/2013

An-diugh Latha Nàiseanta nam Beanntan agus tha Pàdraig MacAmhlaigh, Reamonn Lenkas agus Janni Diez gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na beanntan as fheàrr leotha a bhith a' sreap.

Cuideachd am bu chòir dhuinn leigeil le clann òg deoch làidir òl. A' toirt am beachdan air a' chuspair seo tha Joanne Sutherland, Aideen O' Malley agus Agnes Rothach.

Tha Calum MacFhionghainn air a bhith a' leughadh an leabhair The Real Mrs Brown, fèin-eachdraidh Brendan Carroll, air a sgriòbhadh le Brian Beacom. Cluinnidh sinn ciamar a chòrd e ri Calum.

Am measg a' chiùil tha òran sònraichte Nollaig agus sinn a' chomharrachadh gach latha a th' air fhagail mus tig àm na Nollaig le òran a bha aig àireamh a h-aon anns na charts aig àm na Nollaig thar na bliadhnaichean. bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 11 Dec 2013 12:03