A' bhraiste airgid

Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa tighinn a' leantainn Freya a tha air saor-làithean ann an Arcaibh agus ag ionnsachadh mu na Lochlannaich.

Tha caraid dha seanair a' tadhal agus a' sealltainn dhi bràiste a chaidh a chladhach aig làrach arceòlais. Tha i cuideachd a' tadhal air taigh-tasgaidh far a bheil tòrr nithean Lochlannach. An toiseach, chan eil Freya a' tuigsinn carson a thathas a' cur uiread de shuim anns na nithean ach beag air bheag, tha i a' tighinn thuige.

An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Release date:

Available now

20 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2013 14:30