Sorry, this episode is not currently available

Èist ris a' Chloinn/The Children's Panel

Trusadh, Series 6 Episode 4 of 18

Gach bliadhna tha na mìltean de theaghlaichean a' faighinn taic bho Shiostam Èisteachd na Cloinne, dòigh obrach sònraichte na h-Alba ann a bhith a' toirt cùram agus ceartas seachad do chloinn agus daoine òga a tha ann an trioblaid. Aig a chridhe tha obair riatanach Pannal na Cloinne. Ach dè a tha an lùib na h-obrach, cò iad a tha nam buill, agus dè na dùbhlain a tha fa-near dhaibh ann an Alba san là an diugh ?

Tha còrr is 16,000 de cuid chloinne na dùthcha ann an cùram. Tha mòran a' faighinn cùram tro dhaltachd, a bharrachd air na dachaighean cloinne agus ionadan eile a tha na diofar ùghdarrasan ionadail a' ruith.

'S e pròiseact Kibble, stèidhte ann am Pàislig, aon de na h-ionadan cùraim agus foghlaim as soirbhiche ann an Alba. Am measg na tha iad a' tabhann, tha cùrsa sònraichte dràma. B' e an òigridh fhèin a sgrìobh an dealbh chluich, 'Please Listen', 's iad a' tarraing air na faireachdainnean aca fhèin agus an iomadh dùbhlan a th' air a bhith aca nam beatha.

Èist ris a' Chloinn - sealladh dlùth air siostam sònraichte ann an Alba a th' air a bhith air thoiseach air càch fad iomadh bliadhna, le bun-stèidh gun obraicheadh gach neach is buidheann còmhla gus guth, cothrom èisteachd, spèis agus cùram a thoirt dha clann na dùthcha air fad.

Each year thousands of families are helped by the Children's Hearing System, Scotland's unique care and justice system for children and young people who are in trouble or at risk. At its core is the invaluable work of the Children's Panel. But what does the work entail, who are the panel members and what challenges do they face in today's Scotland ?

There are currently over 16,000 children in care in Scotland. Many are looked after through foster care, as well as through children's homes and other units run by the local authorities.

One such successful care project in Scotland is the Kibble Education and Care Centre in Paisley. Please Listen is a play which is the result of the centre's unique drama course, where the children drew on the many challenges they've had in their lives to express their feelings.

The Children's Panel - an in-depth look at a system where Scotland has led the way for a number of years, with a vision of everyone working together to make sure that all children are heard, valued, respected and cared for.

Release date:

1 hour

Last on

Tue 5 May 2015 22:00