iPlayer Radio What's New?
Image for 06/11/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

06/11/2013

Duration:
1 hour, 27 minutes
First broadcast:
Wednesday 06 November 2013

Beachdan bho dhithis air a' phrogram Autism, Challenging Behaviour a bha air BBC 4 an raoir. Tha balach òg aig Dolly NicDhòmhnaill à Leodhas a tha a' fulung le autism agus tha ùidh aig Màiri NicAmhlaigh a chleachd a bhith na eòlaich inntinn chloinne anns a' chuspair.

Tha Iain MacNèill a' dèanamh lèirmheas air a' film Philomena. Tha an sgeulachd mu dheidhinn boireanach à Éirinn a chaidh a dh'Ameireaga a' lorg an leanabh a chaidh a thoirt bhuaipe nuair a bha i na deugaire.

Agus tha seachd seachdainean bhon diugh gu Latha na nNollaig agus tha Seonag Nic a' Ghobhainn an seo ann an deagh àm airson tòiseachadh air reasabaidh cèice Nollaig.

Cuideachd tha Carina Niclèoid a' toirt an Comedy Couch dhan Lanntair ann an Stèornoabhagh Disathairne 'sa tighinn. Ach chaneil i na h-aonar agus i air line up do dhaoine sònraichte eile a chuir air dòigh a bhios còmhla rithe a tha dearbhte gàire a thoirt air aodain dhaoine. Nam measg tha Anna Devitt, John Gavin, Gayle Telfer Stevens agus Sir Reginald Tweedy Duffer.

Am measg a' chiùil tha Emma Stevens, Haim agus The Script. bbc.co.uk/feasgar.

  • Mìlseag Nollaig

    Gritheidean 

    4 Unnsaichean mìn-fhlùr lom

    8 Unnsaichean criomagan arain (donn no geal no measgachadh dhen dà chuid)

    8 Unnsaichean ìm

    8 Unnsaichean siùcar bog donn (dorcha no soilleir)

    1 Punnd fìon-dearc sheacte

    8 Unnsaichean raosaran

    8 Unnsaichean currain air an sgrìobadh gu mìn

    ½ Spàin-bheag spìosraich measgaichte

    ½ Spàin-bheag cnò-mheannt pronn

    Gòmag sallain

    3 Uighean

    1 Sùgh agus rùsg Liomaid

    2 Spàin-mhòr Ruma no Branndaidh

     

    Dòigh

     

    Measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla gus a bheil coltas uchdar air. Cuir ann an còrr dhen stuth agus measgaich gu math.

     

    Dèan deiseil bobhla/bobhlaichean agus roinn am measgachadh eadar iad. Còmhdaich na bobhlaichean le pàipear donn no foidhle-tiona agus ceangal sreang mu thimcheall nam bobhlaichean gus làmhrachan beag a chruthachadh.  Tha seo feumail airson a’ mhìlseag a thoirt às na na bobhlaichan. 

     

    Bruich airson eadar dà agus trì uairean a thìde an toiseach agus as dèidh sin bruich a-rìthist airson uair a thìde eile. 

  • Cèic Nollaig

    Gritheidean 

    14 unnsa mìn-fhlùr lom

    12 unnsa siùcar bog donn

    12 unnsa ìm

    6 uighean

    2 spàin-teatha spìosraich measgaichte

    1 spàin-mhòr de trèicil

    3 spàinean-mòra branndaidh

    2 ½ measan measgaichte

    4 unnsaichean rùsg orainds agus liomaid air an sgrìobadh agus air am measgachadh

    8 unnsaichean siristean air an gearradh nan lethean no nan cairtealan

    4 unnsa cnò-almoin pronn

     

    Dòigh

     

    Bog nam measan anns a’ bhranndaidh agus fàg airson aon oidhche. 

     

    An ath latha measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla agus  cuir ris na cnòthan-almoin pronn, na spìosraich measgaichte agus an trèicil. Cuir ris na h-uighean air am bualadh agus a’ mhin a’ cuir ann beagan dhen ugh an toiseach agus an uairsin beagan min ga mheasgachadh mar a tha thu a’ dol air adhart gus a bheil e uile ann. Cuir ann na measan agus a’ branndaidh agus dèan cinnteach gun tèid a dheagh mheasgachadh.

     

    Cleachd tiona cearnagach meud 9” no 10” ann an cumadh cearcall.  Còmhdaich an tiona le dà phìos pàipear parchment. Tha seo nas fheàrr an àite pàipear-donn a chleachdadh oir nì e cùisean nas fhasa nuair a thig e gu bhith ga chòmhdach aig an deireadh.

     

    Ceangail pìos pàipear donn air oir an tiona agus cumaidh seo an cèic gun losgadh. 

     

    Dòirt am measgachadh dhan an tiona agus a’ cleachdadh cùl spàin agus rèitich am mullach gus a bheil e còmhnard.

     

    Còmhdaich am mullach an uair  sin le pàipear donn airson dèanamh cinnteach nach tèid a a dòthadh.      

     

    Teasaich an àmhainn gu ìre 140°c/275°f/comharra gas 1 agus còcairich gu slaodach airson ceithir uairean a thìde agus còig deug mionaid no ceithir uairean a thìde agus dà fhichead sa còig mionaid (4 ¾ ).

     

    Nuair a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil i deiseil brùth bior-ròstaidh innte airson dèanamh cinnteach gu bheil i air còcaireachd.

     

    Nuair a tha an cèic gu tur fuar còmhdaich le pàiper donn agus cuir ann am bocsa no tiona dìonach i.  Cùm ann am preasa agus ma tha thu ag iarraidh cuir tuilleadh branndaidh innte. Le bior-ròstaidh mullach a’ chèic agus dòirt spàin-mhòr no dhà de bhranndaidh thairis a’ chèic.

Broadcasts

Reasabaidhean Èisg

Reasabaidhean Èisg - Bradan / Muasgan-caol

Reasabaidhean èisg còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss