Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

'S e Taisteal agus Turas cuspair Fèis Leabhraichean nan Eilean Siar: Faclan 2013 a chaidh a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh. Am measg nam feadhainn a bha ag òraid bha am Bàll Pàrlamaid Alan Johnson a sgrìobh an leabhar This Boy: A Memoir of a Childhood, Carl Watkins air na cleachdaidhean co-cheangailte ri bàs agus ceistean mu bheatha as dèidh bàs. Bhruidhinn an Dotair Bernard Meehan mu dheidhinn an leabhar ainmeil Leabhar Cheanannais agus rinn Trevor Cowie òraid mu dheidhinn cuirp a tha air an glèidheadh ann an talamh mònach. Air an latha mu dheireadh dhen Fhèis bha Peter May agus David Wilson air an àrd-ùrlar a' taisbeanadh an leabhar ùr dhealbhan a thog David stèidhichte air na làraich agus na sgeulachdan à leabhraichean Peter The Blackhouse, The Lewisman agus The Chessmen. A' beachdachadh air na chunnaic agus na chuala iad aig an Fhèis tha Chrisella Ross, Ruairidh MacIlleathain, Dòmhnall Iain MacSuain, Niall Iain Dòmhnallach, Derek Pluto Moireach agus Iain MacFhionghuinn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 5 Nov 2013 21:03
Added. Check out your playlist Dismiss