Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Baile mòr, cànan ùr

Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa tighinn mun a' chàirdeas a tha eadar Ryan agus Mata. Tha athair Mata an impis obair a chall agus tha e an dùil an teaghlach a thoirt dhan Fhraing far a bheil cothrom aige air obair ùr fhaighinn. Tha seo ag adhbharachadh mi-chìnnt le eagal air na balaich gun caill iad an càirdeas a tha eatorra.

Anns a' phrògram seo, tha sinn a' coinneachadh ri Mata agus Ryan. Tha sinn a' cur eòlas orra agus a' faighinn a-mach mun chàirdeas a tha eatorra. Tha sinn cuideachd a' coinneachadh ri teaghlach Mata agus an tidsear aige gus sealladh nas fharsaing fhaighinn air an t-suidheachadh agus na ceistean a tha ag èirigh.

An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Release date:

20 minutes

Last on

Sun 3 Nov 2013 14:30