Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Rev Dr Iain D Campbell

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 6: 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn bha Iain MacAsgaill le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath
Salm 20: 5-6 air fonn Montrose, os cionn na seinn bha Calum MacAoidh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha
Salm 34: 18-19 air fonn Dundee, os cionn na seinn bha Raghnall Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu

Leughadh: 2 Corintianaich 12: 1- 10
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 12:9

Rugadh an t-Oll Urr Iain D Caimbeul ann an Steòrnabhagh ann an 1963. 'S e as sine dhen teaghlach aig Iain Tormod agus Lily Chaimbeul, le dithis peathraichean, Meg is Alma, nas òige. 'S e ministear a bha na sheanair air taobh a mhàthar - an t-Urramach Iain MacCoinnich a bha na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Phluic agus mu dheireadh Eaglais an Oib. Chaidh Mgr Caimbeul oideachadh ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha e air teisteanasan MA fhaighinn à Glaschu, BD agus MTh à Lunnainn, agus Dip Th agus PhD à Dùn Èideann.
Chaidh Mgr Caimbeul a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1988 far an robh e na mhinistear air coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach bho 1988 gu 1995. Ghluais e an uairsin a Leòdhas far an robh e bho 1995 gu 2009 na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Bhac. Bho chionn dà bhliadhna ghluais e gu Eaglais Shaor an Rubha. Tha Mgr Caimbeul pòsta aig Anne agus that triùir chloinne aca, Iain, Stephen agus Emily.
Tha Mgr Caimbeul air grunn leabhraichean a sgrìobhadh, tha e na shearmonaiche ainmeil agus daonnan a' cur ri làraich-lin leithid Alliance of Confessing Evangelicals agus Ligonier Ministry, a bharrachd air a bhith sgrìobhadh pìos airson a' phàipeir ionadail Gasaet Steòrnabhaigh gach seachdain. Tha e a' cur seachad torr ùine a' toirt seachad òraidean agus a' searmonachadh anns an dùthaich seo agus thall thairis.

30 minutes

Last on

Sun 27 Oct 2013 15:00
Added. Check out your playlist Dismiss