Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha luchd saidheans a' radh gu robh na prìomhairean Tony Blair agus Mairead Thatcher nach maireann
glè choltach ri chèile nuair a thigeadh e gu bhith a' cleachdadh cànan fèin-spèisreach anns an ùine a bha'd a riaghladh. Se Hubris Syndrome an t-ainm a th'aig luchd-saidheans air an seo agus air a chuir gu math sìmplidh tha e a' ciallachadh gu bheil daoine aig a bheil cumhachd a leigeil leis a dhol dhan na cìnn aca. Tha beachd a-nis gu bheil Hubris Syndrome air a bhith air mòran phrìomhairean eile thairis nam bliadhnaichean fhad's a bha'd a' riaghladh. Tha Dòmhnall Macleòid a' mìneachadh.

Seo an t-seachdain ma dheireadh den t-sreath aig Mata MacÌomhair air òraidean ainmeil agus an
t-seachdain 'sa tha e a' cumhneachadh air cuid de na h-òraidean mòra ainmeil Albannach. Nam measg tha an òraid a rinn Jimmy Reid ma choinneamh luchd obrach Upper Clyde Shipbuilders ann an naoi ceud deug trì fichead 'sa h-aon deug. An lùib nam briathran ainmeil thuirt e: There will be no hooliganism. There will be no vandalism. There will be no bevvying ... because the world is watching us.

Tha Dualchas Shasainn air a ràdh gu bheil iad a' dol a thogail ionad tadhail le àite bìdh aig Stonehenge a bhios luach seachd thar fhichead millean not. Thèid beachdachadh an e na làraich eachdraidhail no na
h-àiteachan bìdh a tha ceangailte riutha a tha a' tarraing dhaoine?

Tha prìsean thaighean ann am baile Obar Dheathain air dùblachadh anns na deich bliadhna a chaidh seachad. Ach dè a tha seo a' ciallachadh do dhaoine a tha airson fuireach ann? Tha na h-ailtirean Aonghas MacCuthais agus Ruairidh MacLeòid a' toirt am barail air a chùis. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 9 Oct 2013 21:03
Added. Check out your playlist Dismiss