iPlayer Radio What's New?
Image for Seanmhair Neo-àbhaisteach 1

Listen now 20 mins

Listen in pop-out player

Seanmhair Neo-àbhaisteach 1

Duration:
20 minutes
First broadcast:
Friday 04 October 2013

Tha am prògram seo agus an ath fhear san t-sreath air an dealbh gus toirt air a' chloinn smaoineachadh mu cho cudromach 's a tha e a bhith a' tuigsinn agus a' toirt spèis do sheann daoine san teaghlach agus anns a' choimhearsneachd.

Anns a' phrògram seo, tha sinn a' coinneachadh ri Alex agus a' cur eòlas oirre fhèin 's air a caraidean agus a teaghlach. Thathar a' sùileachadh air Alex gum bi i a' tadhal air a seanair a tha ann an dachaigh sheann daoine. Chan eil Alex ro thoilichte mun seo agus b' fheàrr leatha a bhith ri spòrs còmhla ri a caraid. Tron phrògram, tha cothrom aig an luchd-èisteachd beachdan mu chultar, dualchas, conaltradh agus spèis a rannsachadh.

An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss