Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha Colaiste Rìoghail nam Banaltraman air rannsachadh a dhèanamh air nursaichean a tha a' sealtainn gu bheil an ìre dhen uallach a th'orra cho mòr 's gu bheil an slàinte fhèin a' fulang. Tha Agnes Rothach agus Davina Matthews a tha nam banaltraman a' toirt am beachdan.

Tha Seòras Osborne air planaichean ùr fhoillseachadh airson daoine a tha air a bhith a' togail sochairean cion-obrach airson barrachd air dà bhliadhna. Dè a bhios seo a ciallachadh do dhaoine a tha mur thràth ann an staing airgid. Tha Iain MacFhionghuin agus Carol McGlone eòlach air a bhith ag obair an lùib dhaoine a tha an urra ri sochairean.

Tha riaghaltas na Spàinn an dùil na h-uairean obrach as an dùthaich atharrachadh a chuireas às dhen a' siesta. Tha na riposos fhathast anns an Eadailt cuideachd, ach saoil dè cho fada? Gheibh sinn beachdan bho Chatriona Zoltowska anns an Spàinn agus agus Aideen O' Malley aig a bheil fìor eòlas air an Eadailt.

Thog deasbad nan gunnaichean anns na Stàitean Aonaichte ceann a-rithist air prògram Choinnich bho chionn seachdain as dèidh an sgrios a chaidh a dhèanamh ann an Washington aig togallach a' Nèibhidh. Bha Chuck Tripp ag èisteachd rinn ann an Alaska agus tha esan gu mòr a' creidsinn gu robh còir aig cead a bhith aig daoine aig a bheil gunna agus mìnichidh e carson a tha e cho mòr dhen bheachd sin. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Tue 1 Oct 2013 21:03