Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-seachdain 'sa tha Coinneach a' comharrachadh fichead bliadhna agus còig mìle prògraman air BBC Radio nan Gàidheal. An-diugh sùil air ais air na bliadhnaichean naoi ceud deug ceithir fichead 'sa seachd deug chun a' bhliadhna dà mhìle. Am measg nan cuspairean tha Tony a' phitheid à Eurabol a bha a' bruidhinn 'sa Ghàidhlig; nuair a dh'ionnsaich Coinneach a' melodian a chluich; na seudan copar a bha'r a' moladh airson sciatica agus a' millennium bug air an robh uiread a dh'eagal aig daoine a thachradh air a' chiad latha den bhliadhna dà mhìle. Còmhla ri Coinneach airson cuimneachadh air ais tha Catriona Dunn, Ailean Caimbeul is Ruairidh MacSuain. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 24 Sep 2013 21:03