iPlayer Radio What's New?
Image for Prof Douglas MacMillan - OB Livingston Free Church 1987

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Prof Douglas MacMillan - OB Livingston Free Church 1987

Duration:
30 minutes
First broadcast:
Sunday 22 September 2013

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:

Salm 23: 1-3 air fonn Evan, Salm 57:1-2 air fonn Martyrdom, Salm 16:8-10 agus Salm 23:5-6. Os cionn na seinn bha Donaidh Murdo MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhùn Lèibhe.

Leughaidhean:
Isaiah 53: 1-12 agus a' leughadh bha Coinneach Dòmhnallach
Eabhraidhich 13: 7-24 agus a' leughadh bha Iain MacLeòid

Rugadh Dùghall Mac a' Mhaoilein ann an Siorrachd Earra-Ghàidheal anns a' bhliadhna 1933. B' e an neach a b' òige a-mach à sianair a theaghlach, agus rugadh is thogadh e ann an dachaigh Chrìosdail, far an cuala e an soisgeul agus far an deach na sgriobtaran a theagasg dha. Dh'fhàs e eòlach air obair croitearachd agus dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig.

Chaidh e dhan àrd-sgoil ann an Eilean Mhuile airson dà bhliadhna, ach ghluais e air falbh bho na teagasgan Crìosdail a chuala e na òige. Ach ri linn bàs a mhàthar thàinig e gu bhith toirt aire nas gèire dhaibh a-rithist, agus an dèidh dha neach a chluinntinn a' searmonachadh air Eòin 3:16 - 'oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge be neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi a bheatha shìorraidh aige' - chaidh iompachadh. Bha seo ann an 1955, agus bhon àm sin, bha an duine mòr, làidir seo a-nis coisrigte do Chrìosd.

Shearmonaich e airson a' chiad uair ann an Ceann Loch Gilb ann an 1957 - a' bhliadhna a bhàsaich athair - agus bha e mothachail air gairm Dhè ga threòrachadh chun na ministrealachd. An dèidh dha a dhol tron fhoghlam leis a' mhinistrealachd san amharc, chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Obair Dheathain ann an 1966. Bhon àm sin, b' ann am measg oileanaich bu motha a chaith e a shaothair mar mhinistear agus mar fhear-teagaisg, a' gluasad gu coitheanal "St Vincent St" ann an Glaschu ann an 1974. Bha e air a shuidheachadh mar Phroifeasair Eachdraidh Eaglaise ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1982, agus chaidh e air ais dhan mhinistrealachd ann an coitheanal Buccleuch ann an Dun Èideann ann an 1990.

Phòs e Màiri Chaimbeul, a bha i fhèin na nighean mansa (b' e a h-athair am ministear Gàidhealach ainmeil an t-Urr. Murchadh Caimbeul, Ruith Sholais), agus bha còignear theaghlach aca: Eilidh, Mhàiri, Niall, Murchadh, agus Dùghall.

Bha Dùghall tarraingeach, cumhachdach mar theachdaire agus mar shearmonaiche Chrìosd, an dà chuid ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Thàinig mòran gu eòlas pearsanta a chuir air Crìosd tro a mhinistrealachd.

  • An Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein

    An Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein
  • Coinneamh inntrigidh

    Coinneamh inntrigidh
  • Dùghall Mac a’ Mhaoilein agus a bhean

    Dùghall Mac a’ Mhaoilein agus a bhean

Broadcasts

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss