iPlayer Radio What's New?
Image for 02/09/2013

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

02/09/2013

Duration:
57 minutes
First broadcast:
Monday 02 September 2013

A' cuimhneachadh air a' bhàrd chliùiteach Seamus Heaney a chaochail Dihaoine sa chaidh aig aois trì fichead 'sa ceithir deug. Bha mòran dhen bheachd gur e Seamas Heaney am bàrd a bh'fheàrr a bha ann an Èirinn bho bha WB Yeats beò. Fhuair Heaney an duais Nobel airson Litreachas ann an 1995 "for works of lyrical beauty and ethical depth, which exalt everyday miracles and the living past". Bha Heaney air a bhith tìnn bho chionn deagh ghreis. Sgrìobh e cruinneachadh do bhàrdachd - The Human Chain - an dèidh dha stròc a ghabhail ann an 2010 agus se an tinneas a bha air a bhrosnaich aon de na pìosan bardachd anns a' chruinneachadh - The Miracle. Tha triùir a' cuimhneachadh an dà chuid air Heaney an duine agus a' chuid bàrdachd - Pàdraig MacAoidh, Dòmhnall Meek agus Aonghas Phàdraig Cambeul.

Tha Litir na seachdain seo a' tighinn às an Niribhidh còmhla ri Màiri NicNèill-Lande.

Agus tha buntanas mòr aig batal na seachdain 'sa ris an Niribhidh cuideachd agus i gar toirt gu Largs ann Siorrachd Inbhir Adhar - air an deicheamh latha fichead den t-Sultainn 1263 chaidh deannan shoithichean Niribheach leis na creagan faisg air costa Inbhir Adhar ann a fìor dhroch thìde. Air an dàrna latha den t-Samhain, fhads a bha na Niribhich a' càradh nam bàtaichean, nochd prìomh arm Alba agus Alasdair Dhùn Dòmhnaill air an ceann. Thòisich fìor shabaid air an tràigh eadar na Lochlannaich agus na h-Albannaich. Ach cò ma dheidhinn a bha'd a' sabaid? Se sin a mhìnicheas Iain Macamhlaidh dhuinn.

Tha sinn a' toirt sreath nan tractaran gu crìoch agus sinn a' foighneachd do Choinneach (Denis) Chambeul, Iain Macleòid agus Robert Dòmhnallach dè dìreach an tractar is fheàrr airson na h-obrach? bbc.co.uk/coinneach.

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss