Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

18/09/2013

Tha Seachdain Mothachaidh Meningitis ga chumail an t-seachdain seo agus tha e a' tachairt aig àm far a bheil fios gu bheil an àireamh de dhaoine a tha a' fulung leis ag èirigh mar a tha sinn a' gluasad air adhart gu mìosan an Fhoghair agus mìosan a Gheamhraidh. Tha an dotair Alasdair Moireasdan a' mìneachadh comharran a' bhiorais agus tha Murchadh Moireasdan ag innse mar a bhuail meningitis e fhèin agus mar a fhuair e seachad air. Tha Michelle NicDhòmhnaill air ais leis an t-sreath air filmichean ciùil agus an t-seachdain 'sa se an Sound of Music a th'aice dhuinn. Tha an sgeulachd stèidhichte air na cuimhneachain sgrìobhte aig Maria von Trapp, sgeulachd an teaghlaich Trapp a bha uile nan seinneadairean. Tha tòrr de na h-òrain a bh'anns a' film a-nis gu math ainmeil mar Edelweiss, My Favourite Things, Climb Ev'ry Mountain agus Do-Re-Mi. Agus le bliadhna gu àm Referendum airson Alba, cluinnidh sinn mu phrògram sònraichte a chithear air BBC Alba a-nochd fhathast aig leth uair an dèidh ochd. Sin Rathad an Referendum: A' Ghàidhealtachd le Iain MacIlleathain a' lìbhrigeadh tha cothrom eile èisteachd ris an àite prògram Choinnich MhicÌomhair madainn a-màireach air BBC Radio nan Gàidheal. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 18 Sep 2013 12:03

Reasabaidhean Èisg

Reasabaidhean Èisg - Bradan / Muasgan-caol

Reasabaidhean èisg còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn.

Added. Check out your playlist Dismiss