Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Prof Douglas MacMillan - 1984

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein bho 1984.

Anns an t-seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach anns an Dàmhair 1984 chuala sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 72, 1-3 air fonn London New, os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chalum Chille, Dùn Èideann.
Salm 45, 6-7 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Aonghas Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Vincent ann an Glaschu.

Leughadh: 1 Peadar 2:13-25
Ceann-teagaisg: 1 Peadar 2: 24

Rugadh Dùghall Mac a' Mhaoilein ann an Siorrachd Earra-Ghàidheal anns a' bhliadhna 1933. B' e an neach a b' òige a-mach à sianair a theaghlach, agus rugadh is thogadh e ann an dachaigh Chrìosdail, far an cuala e an soisgeul agus far an deach na sgriobtaran a theagasg dha. Dh'fhàs e eòlach air obair croitearachd agus dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig.

Chaidh e dhan àrd-sgoil ann an Eilean Mhuile airson dà bhliadhna, ach ghluais e air falbh bho na teagasgan Crìosdail a chuala e na òige. Ach ri linn bàs a mhàthar thàinig e gu bhith toirt aire nas gèire dhaibh a-rithist, agus an dèidh dha neach a chluinntinn a' searmonachadh air Eòin 3:16 - 'oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge be neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi a bheatha shìorraidh aige' - chaidh iompachadh. Bha seo ann an 1955, agus bhon àm sin, bha an duine mòr, làidir seo a-nis coisrigte do Chrìosd.

Shearmonaich e airson a' chiad uair ann an Ceann Loch Gilb ann an 1957 - a' bhliadhna a bhàsaich athair - agus bha e mothachail air gairm Dhè ga threòrachadh chun na ministrealachd. An dèidh dha a dhol tron fhoghlam leis a' mhinistrealachd san amharc, chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Obair Dheathain ann an 1966. Bhon àm sin, b' ann am measg oileanaich bu motha a chaith e a shaothair mar mhinistear agus mar fhear-teagaisg, a' gluasad gu coitheanal "St Vincent St" ann an Glaschu ann an 1974. Bha e air a shuidheachadh mar Phroifeasair Eachdraidh Eaglaise ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1982, agus chaidh e air ais dhan mhinistrealachd ann an coitheanal Buccleuch ann an Dun Èideann ann an 1990.

Phòs e Màiri Chaimbeul, a bha i fhèin na nighean mansa (b' e a h-athair am ministear Gàidhealach ainmeil an t-Urr. Murchadh Caimbeul, Ruith Sholais), agus bha còignear theaghlach aca: Eilidh, Mhàiri, Niall, Murchadh, agus Dùghall.

Bha Dùghall tarraingeach, cumhachdach mar theachdaire agus mar shearmonaiche Chrìosd, an dà chuid ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Thàinig mòran gu eòlas pearsanta a chuir air Crìosd tro a mhinistrealachd.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 15 Sep 2013 21:00

An Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein

An Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein

Coinneamh inntrigidh

Coinneamh inntrigidh

Dùghall Mac a’ Mhaoilein agus a bhean

Dùghall Mac a’ Mhaoilein agus a bhean