Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

05/09/2013

An-diugh farpais phìobaireachd Cruinneachadh a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis a tha dìreach a' tòiseachadh. Tha Dòmhnall Mac a' Ghobhainn air a' chomataidh agus innsidh e na bhios a' dol aig an fharpais.

Tha an Dotair Sarah Marr a' toirt comhairle air na comharran a dh'fhaodadh a bhith nan rabhadh air aillse craicinn.

Tha Dòmhnall Dòmhnallach air ais le naidheachdan à saoghal teiceòlais. Air chlàr aige an-diugh tha an Apple iPhone 5s a bhios a' nochdadh air a' mhargaidh a dh'aithghearr agus mar tha Google a' comharrachadh còig bliadhna deug bho chaidh a stèidheachadh.

Cuideachd tha Seonag Nic a' Ghobhainn a' leantainn oirre leis an t-sreath air reasabaidhean bèicearachd. An t-seachdain 'sa se aran cridhe le banana a tha i a' cuir dhan àmhainn. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 5 Sep 2013 12:03

Reasabaidhean Èisg

Reasabaidhean Èisg - Bradan / Muasgan-caol

Reasabaidhean èisg còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn.

Added. Check out your playlist Dismiss