Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

30/08/2013

Tha Tormod Mac a' Ghobhainn còmhla ri Cathy fad a' phrògram airson beachdachadh air naidheachdan an là.

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag innse mar a chaidh dha ann an Sulaisgeir an tòir air a' ghuga. B'e seo a' chiad turas riamh a bha Coinneach air an Eilean agus bha e rudeiginn cliosgach gum biodh tinneas-mara air nuair a dh'fhàg iad am Port oidhche Mhàirt aig meadhan oidhche.
Tha Calum Aonghas MacAoidh ag innse mu bheatha agus obair an neach-ealain Seòras Wylie a rugadh ann an Shettleston ann an taobh an ear baile Ghlaschu. Bha Seòras ag obair na oifigear-cusbainn mus do thòisich e air obair ealain.

Agus tha Aonghas Dòmhnallach còmhla rinn gus a chunntas fhèin a thoirt air naidheachdan annasach na seachdain.

Am measg a' chiùil tha Kate Melua, Manic Street Preachers agus Caro Emerald. www.bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 30 Aug 2013 12:03