Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

ProducerMaggie MacKinnon.

5 minutes

Last on

Sun 1 Sep 2013 14:55

Litir 737: Leitir Fura - Pàirt 1

Nuair a bha mi anns an Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid, chaidh mi a-mach air chuairt ann an Slèite. Choisich mi an rathad gu ruige seann bhaile air a bheil Leitir Fura. Tha Coimisean na Coilltearachd ag ath-nuadhachadh na coille, agus tha tòrr chraobhan dùthchasach ann, a bharrachd air lusan eile.

            Bha mi eòlach air a’ choille sin bho shean. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Slèite, tràth sna naochadan, bhithinn a’ falbh tron choille don chladach faisg air Ceann Locha. Bhiodh a’ chlann a’ cluich air a’ mhol. Agus gu tric bhiomaid a’ faicinn dòbhrain a’ cluich aig muir.

            Aon latha geamhraidh, chaidh sinn don chladach agus dè lorg sinn ach cathair mhòr leathair ann an deagh òrdugh. Bha i bog fliuch, oir bha i air a sguabadh don chladach leis an tìde-mhara. Thog a’ bhean agam ’s mi fhìn a’ chathair. Ghiùlain sinn i gu os cionn an tiùrr far am biodh i a’ tiormachadh an ceann greis.

            Uill, na b’ annasaiche buileach, thill sinn don dearbh thràigh an ceann beagan làithean agus dè bha na laighe air a’ mhol ach cathair leathair eile – dhen dearbh sheòrsa ’s a fhuair sinn an latha roimhe! Feumaidh gun deach na dhà a thilgeil a-mach às an aon luing aig an aon àm. Co-dhiù, cha b’ fhada gus an robh dà chathair nan suidhe taobh ri taobh os cionn an tiùrr.

            Thiormaich na cathraichean. Bhithinn fhìn ’s a’ bhean agam a’ falbh don chladach agus a’ suidhe orra. Bha sealladh air leth againn de bheanntan Chnòideirt os cionn Linne Shlèite.

            ’S iad craobhan-beithe agus craobhan-calltainn as motha a chithear sa choille ach an siud ’s an seo tha feàrna, darach agus uinnseann. Ma leanas tu ort a dh’ionnsaigh Leitir Fura, tha an seann rathad dròbhaidh a’ falbh bho rathad nan carbadan (a tha glaiste ach a-mhàin do charbadan Coimisean na Coilltearachd). Bhiodh na dròbhairean a’ toirt an cuid sprèidh air an rathad sin gu ruige Caol Readha. Aig Caol Readha, nuair a bhiodh an tìde-mhara freagarrach, bhiodh na dròbhairean a’ snàmh an cruidh thar a’ chaolais gu ruige Gleann Eilg. Tha an rathad a’ briseadh a-mach às a’ choille agus ’s ann an uair sin a gheibhear seallaidhean àlainn de bheanntan Chnòideirt.

            ’S iongantach mura robh muinntir Leitir Fura an sàs ann an dròbhaireachd. Gu cinnteach, bha iad an sàs ann an cùl-mhùtaireachd – a rèir aithris, de ruma, agus branndaidh à Portagail. Tha dùil cuideachd gun robh iad a’ dèanamh gual-fiodha de na craobhan anns a’ choille timcheall orra.

            Nuair a ruigeas tu Leitir Fura, tha tobhtaichean gu leòr ann. ’S e baile susbainteach a bh’ ann le suas ri dusan taigh.

            Tha pìos bàrdachd air a ghlèidheadh bho na seann làithean nuair a bha Clann ’ic Aonghais a’ fuireach ann an Leitir Fura: Hó ìrean ó ro bha hó, Is mithich dhuinn èirigh mo nighean donn, Is mithich dhuinn a dhol dachaigh, Tha sinn fad air ar cèilidh, A thoirt ar n-aghaidh air Muile, À Leitir Fura nan geugan…

            Ach dè tha Leitir Fura a’ ciallachadh? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Slèite: Sleat; Coimisean na Coilltearachd: Forestry Commission; bog fliuch: soaking wet; thiormaich: dried; rathad dròbhaidh: droving road; Caol Readha: Kylerhea; cùl-mhùtaireachd: smuggling; gual-fiodha: charcoal; tobhtaichean: ruined buildings; Clann ’ic Aonghais: MacInnes clan.

Abairtean na Litreach

gu ruige seann bhaile: to an old (former) village; ag ath-nuadhachadh na coille: renewing the forest; tòrr chraobhan dùthchasach: many native trees; bha mi eòlach air a’ choille sin bho shean: I was familiar with that wood from a long time ago; air a’ mhol: on the shingle; bhiomaid a’ faicinn dòbhrain a’ cluich: we would watch otters playing; dè lorg sinn ach cathair mhòr leathair ann an deagh òrdugh: what did we find but a large leather armchair in good condition; air a sguabadh don chladach leis an tìde-mhara: swept ashore by the tide; ghiùlain sinn i gu os cionn an tiùrr: we carried it to above the tideline (the seaweed line); na b’ annasaiche buileach: even stranger; dhen dearbh sheòrsa ’s a fhuair sinn an latha roimhe: of the same type we got the previous day; a-mach às an aon luing: out of the one ship; cha b’ fhada gus an robh dà chathair nan suidhe: it wasn’t long until two armchairs were sitting; sealladh air leth de bheanntan Chnòideirt os cionn Linne Shlèite: a fantastic view of the mountains of Knoydart above the Sound of Sleat; ’s iad craobhan-beithe agus craobhan-calltainn as motha a chithear sa choille: it’s birch trees and hazel trees which are most commonly seen in the wood; an siud ’s an seo tha feàrna, darach agus uinnseann: here and there, there are alder, oak and ash; glaiste ach a-mhàin do: locked except to; a’ snàmh an cruidh thar a’ chaolais gu ruige Gleann Eilg: swimming their cattle over the narrows to Glenelg; branndaidh à Portagail: brandy from Portugal; tha pìos bàrdachd air a ghlèidheadh bho na seann làithean: a piece of poetry is preserved from olden times.

Puing-chànain na Litreach

Leitir means a slope, side of a hill, or a place on the seashore. Many slopes bearing names containing this element, often anglicised to Letter (eg Letterewe, Letterfinlay) are above water bodies. Its origin is a subject of debate, with some authorities favouring leth-tìr, while others compare it to leathann. It is also found in Irish Gaelic.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Is mithich dhuinn èirigh: we’d better rise.

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Tasglann / Archive

Litir do Luchd-ionnsachaidh 17

Tha na litrichean uile rin lorg anns an tasglann.

Added. Check out your playlist Dismiss