Listen in pop-out player

Anns a' phrògram seo, tha sinn a' leantainn oirnn ann an cuideachd Sùsaidh agus a bràthair Seoc a tha a' fuireach ann an Alba, agus Peadar, balach ùr a thàinig dhan sgoil aca à Sìona. Tha a' chlann air turas gu sùtha agus tha sinn a' cluinntinn mu na gnèathan a tha ann an cunnart a dhol à bith. Tha sinn a' faighinn a-mach an tuilleadh mu na h-eadar-dhealachaidhean a th' ann eadar Sìona agus Alba, le fòcas air an cànan Sìonach agus beul-aithris. Thathas cuideachd a' dèiligeadh ri càirdeas, tàlantan agus mì-thuigse cultarail tro chleachdaidhean agus àbhachdas.An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad 's an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Available now

20 minutes

Last on

Sun 1 Sep 2013 14:30
Added. Check out your playlist Dismiss