Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Tha Hillary Clinton, a bha na Rùnaire na Stàite ann an Ameireaga, a' faighinn ceum urramaichte bho Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha Mìchael Bochanan ag innse sgeulachd beatha Hilary.

Cluinnidh sinn à Alba Nuadh far an tèid carragh cuimhne cogaidh a thogail ann an Ceap Bhreatainn mar chuimhneachan air còrr agus ceud mìle neach a chaochail anns an cogaidhean air feadh an t-saoghail.

Gheibh sinn a-mach dè a tha a' fàgail a lèithid de ghobhlachain no fìdhlearan nan casan fada anns na
h-eileanan aig an àm seo? Tha Niall Oliver a' mìneachadh carson a tha am plàigh seo ann am bliadhna. Cuideachd tha sinn a' sireadh facail Ghàidhlig eile airson Daddy Long Legs.

Chaidh streath phrògraman telebhisean a chlàradh anns Na Hearadh airson fad bliadhna agus chaidh a' chiad phrògram a shealltain do mhuinntir na sgìre ann an Talla Choimhearsnachd an Tairbeart an-raoir. Cluinnidh sinn mar a chaidh an oidhche bho riochdaire an t-sreath Cairistìona Mhoireasdan agus Sammy Macleòid agus Alasdair Moireasdan a bha cuideachd na lùib.

Cluinnidh sinn cuideachd mu thuras motair-baidhsagal annasach anns na t-Sultain, timcheall air seann làraich phuirt adhair an darna cogaidh. Tha an eachdraidh ceangailte ris a' Ghàidhealtachd agus air feadh Alba. Aig àm an dàrna cogaidh chaidh raoin-laighe itealain a thogail ann an iomadh àite agus iad air an cleachdadh a dh'oidhche 'sa latha le Feachd an Adhair. An uair a thàinig crìoch air a' chogadh, chaidh an cleachdadh nan àiteachan air leth freagarrach do luchd mharcachd mhotair-baidhsagalan. Tha am fiosrchachadh agus an eachdraidh aig Murchadh Moireasdan. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 29 Aug 2013 21:00
Added. Check out your playlist Dismiss