Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Episode 5

Slighe Iain Muir Episode 5 of 6

Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Tha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.

An-diugh, tha iad air Bearraig a Tuath a ruighinn agus iad an cois Alasdair MhicNèill a tha fuireach sa bhaile. Tha Bearraig a Tuath a' tarraing mòran luchd-turais nàdair, 's am port a' frithealadh creagan agus eileanan beaga na Linne Fhoirthe anns am bheil na mìltean mòra eòin-mhara a' tàmh. Bidh iad cuideachd a' coiseachd gu tèarmann nàdair Yellowcraigs, air iomall a' bhaile.

Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 8 Jun 2014 13:00

Aig ìomhaigh Ben Sayers

Aig ìomhaigh Ben Sayers

Mu choinneamh eilean beag Fidra

Mu choinneamh eilean beag Fidra