Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

23/08/2013

Bho spreadh am pleàna Pam Am Flight 103 os cionn Lockerbie, tha mòran dhaoine fhathast dhen bheachd nach deachaidh ceistean deatamach a' fhreagairt mun spreadhadh. Tha an dealbh-chluich Lockerbie Lost Voices a' comharrachadh gu bheil còig thar fhichead bliadhna ann air a chiad latha fichead den Dùbhlachd am bliadhna bhon a thachair an eucoir. Than an dealbh-chluich a' sgrìobh Lee Gershuny ag amas air na ceistean ma dheidhinn Lockerbie a chumail am beò ann an sùilean an t-shluaigh. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn.

Mun aon àm chaidh Derek MacAoidh a dh'fhaicinn a' film saidheans ficsean Elysium a chaidh a sgrìobhadh agus a riochdachadh le Neill Blomkamp. Anns a' bhliadhna 2154 tha dà bhuidhean de dhaoine ann: na feadhainn a tha fìor mhath dheth a tha a' fuireach air stèisean-fànas air a bheil an t-ainm Elysium far nach eil galairean, bochdain no cogadh agus na feadhainn bhochd a tha a fuireach 'san t-saoghal air a bheil sinne eòlach, ach saoghal air a sgrios agus air a mhilleadh. Tha Matt Damon a' cluiche Max Da Costa a tha air misean airson an saoghal a shàbhaladh.

Cuideachd air aoigheachd fad a' phrogram tha Gillebrìde Mac IlleMhaoill. Ceòl bho Passenger, Johnny Flynn agus Franz Ferdinand. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 23 Aug 2013 12:03